Chaidh CLOG a stèidheachadh ann an 2020 agus tha e ag amas air inntrigeadh an-asgaidh air loidhne gun chuingeachadh a sholarachadh airson sgrìobhadh sgoilearach is neo-sgoilearach ann an Gàidhlig no mu dheidhinn na Gàidhlig – an cànan is a litreachas agus a co-theacsa sòisealta, cultarach is eachdraidheil.
Foillsichidh CLOG dà iris-leabhar acadaimigeach a tha air an lèirmheas le seisean: Aiste. Rannsachadh air Litreachas Gàidhlig / Studies in Gaelic Literature, and Journal of Scottish Name Studies.
Foillsichidh CLOG monografaichean ùra air am breithneachadh le seisean ann an Gàidhlig no mu dheidhinn na Gàidhlig.
Dh’fhoillsich Roinn na Ceiltis Oilthigh Ghlaschu 29 leabhraichean ann an Gàidhlig no mu dheidhinn na Gàidhlig eadar 1965 agus 2020. Bha leabhraichean ùra bàrdachd is ficsean ruisg agus stuthan foghlaim nam measg agus, o chionn ghoirid, rannsachadh acadaimigeach. Chan eil mòran de na leabhraichean seo ann an clò tuilleadh. Fhad ’s a tha riaghailtean na còrach-lethbhreac agus cùisean eile a’ leigeil leinn seo a dhèanamh, tha sinn a’ cur romhainn gun tèid am foillseachadh a-rithist air-loidhne air CLOG.
A bharrachd air sin, bidh CLOG na ùrlar airson brosnachadh na Gàidhlig agus rannsachadh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Tha seo a’ toirt leis:
DASG: Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig
sreath de làraichean-lìn ainm-eòlach